Coursera Flash Sale
40% Off Coursera Plus for 3 Months!
Grab it
This course is also available in English and Welsh.Tha iomadh èiginn mu choinneimh na RA: àrainneachdail, eaconamach, poilitigeach, sòisealta is slàinte. Tha an cùrsa air-loidhne an-asgaidh seo a’ mìneachadh cuid de na prìomh sgilean saoranachd is am fiosrachadh a dh’fheumar gus eadar-theachd a dhèanamh san t-saoghal agus e ag atharrachadh.Bidh e a’ sgrùdadh mar a nithear atharrachadh gu poilitigeach agus gu sòisealta le bhith a’ toirt seachad cùl-fhiosrachadh riatanach airson tòiseachadh, eisimpleirean de luchd-atharrachaidh brosnachail, comhairle air mar a bheirear buaidh taobh a-staigh agus taobh a-muigh poilitigs pàrlamaideach traidiseanta na RA, agus na buadhan a dh’fheumar gus soirbheachadh.Ciamar as urrainn dhutsa atharrachadh a dhèanamh gu poilitigeach no gu sòisealta, do na dùbhlain seo agus do dhùbhlain eile? Ciamar a ghabhas Pàrlamaid na RA a chleachdadh? Ciamar a bheir na pàrlamaidean/tionailean tiomnaichte atharrachadh gu buil? Ciamar as urrainn dhut a bhith nad neach-atharrachaidh?Nì an cùrsa air-loidhne an-asgaidh seo sgrùdadh air com-pàirteachadh poilitigeach is sòisealta agus bidh e a’ toirt stiùireadh is brosnachadh, ge bith dè cho beag, do luchd-atharrachaidh air fad.